You are viewing [info]the_boudica's journal

Thig am bàta  
05:06pm 06/02/2010
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Uill, cha robh mi ag iarraidh tighinn air ais an-seo, àn dèidh a h-uile rud a thachair 's a h-uile duine nach eil mi fhathast a' bruidhinn còmhla, ach, tha mi air ais! Feumaidh mi sgrìobhadh tòrr sa Ghàidhlig ron deuchainnean agam sa Mhàigh, agus seadh, bha mi a' smaoineachadh gum b' ann an-seo àite cho math ri àite sam bith eile a bha seo.

Thachair iomadh rud o chionn 's a bha mi an-seo an uair mu dheireadh, agus chan eil fhios agam càite a thòiseachadh. Feumaidh mi feuchainn.

Tha mi fhathast a' sgrìobhadh, 's a leughadh, 's a' cluich ceòl - bidh mi a' seinn còmhla ri Còiseir Gàidhlig Obair Dheathain. Tha iad cho snog 's cho caoibhneil. Bha mi aig a' Mhòid còmhla riubha anns an t-Òbain anns an Damhair, 's fhuair sinn ceathramh àite anns an Tullybardine, agus còigeamh àite anns a' phuirt - gu math nas fhèarr na fhuair iad am bliadhna ro sin. Bha e glè spòrsail.

A-nise, tha mi ag obair gu math cruaidh airson a h-uile rud a dhèanamh. Feumaidh mi trachdas a' sgrìobhadh; deich mìle facal mu dheidhinn tòrradhan Breatannach ann an Linn an Iarainn. Bha uallach mòr orm mu dheidhinn, ach a-nise, nam bheachdsa, 's urrainn dhomh ga sgrìobhadh. Tha smaointean matha agam 's plòigh glè mhath cuideachd. Ach feumaidh mi tìde fhaighinn agus chan eil sin cho furasta.

Dimàirt tha taisbeanadh agam ri dhèanamh, mu dheidhinn nan draoidh... uill, ìomhaighean nan draoidh, agus chan e an aon rud idir idir a th' ann! Chuir mi crìoch feasgar air taisbeanadh powerpoint agus sgrìobagan. A h-uile rud mu dheidhinn Strabo, Historia Regum Britanniae, Iolo Morganwg 's nua-draoidheachd. Tha mi toilichte leis; tha mi cinnteach gur e taisbeanadh math a th' ann. Math, inntinneach agus tha mi 'n dòchas, mi-thaobhach.

Sin e mar-thà. Feumaidh mi dol frasair fhaighinn, ceairc a chòcaireachd, agus uisge òl - cha robh mo cheann riamh cho goirt!
mood: toilichtetoilichte
music: A' chiad cheum - Julie Fowlis
tags: gaelic, uni
 
    Read 3 - Post - Add to Memories - Share - Link
 
'S e mise a tha gu math sgìth.  
05:14pm 03/03/2009
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Sin agad e. Tha mise cho uabhasach, eagalach, seachd sgìth. Seachd searbh sgìth cuideachd. Tha mòran adhbharan ann an-seo, ach... uill, tha tìde agams' gu leòr!

Tha fadal mòr orm; tha mi a' faireachdainn an ùine fada, fada... fada mar ceud mìle bliadhna. Chan eil ach dà uair a thìde de chlasaichean Gàidhlig agam a-nise, gach seachdainn. Dà uair, 's dòcha càirteal no leth-uair. Tha mo Ghàidhlig a-nise cho dona, tha e sgriosail, dìreach sgudal. 'S àn dèidh sin, tha dà uair Sgeulachd-goirid Gàidhlig agam gach seachdainn. Bidh sinn a' leughadh sgeulachdan-goirid. Ceàrt gu leòr. 'S toil leam sgeulachdan. 'S toil leam leughadh. Ceàrt mar tha. Àn dèidh sin, tha tri uairean Ceiltis agam gach seachdainn. Celtic Myth in the Modern World. Sin fìor sgudal; chan eil facal eile ann dha. Inntineach, gu math inntinneach 's annasach, ach chan e fìor ionnsachadh a th' ann an-seo. 'S coma leam dè thuirt fear Bhioctorianach mu dheidhinn na Ceiltich - ma thogair. Bha iad uile às an ciall, 's cha bhi sinn ach a' leughadh rudan cho sgriosail...

Ceàrt gu leòr, bha fhios agam nach bhiodh sinn a' leughadh deogh litreachas fad' na tìde, ach sin? Sgudal. Smodal. 'S tha fhios agam a-nise gur e eachdraiche a th' annam - chan e bearradair litreachail a th' annam. 'S toil leam fìrinn cruaidh. 'S toil leam fianais àirseachail. 'S fheàrr leam, os cionn gach nì eile, an linn Moch Meadhan Aoiseil, agus an linn Àrsaidh. 'S coma leam na h-ochdamh 's naoigeamh linn deug. 'S beag orm Fuadach nan Gàidheal.

Ceàrt, tha mi gu math sàraichte 's cuirte a thaobh, 's 's e sin freumh na cèist.
mood: seachd searbh sgìthseachd searbh sgìth
tags: gaelic, uni
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Tha mi air ais!  
03:00pm 15/02/2009
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Obh, chan eil mi air bàsachadh fhathast!

Bha mi 's am Balach an-dè a' smaoineachadh 's a' gèarachdainn às dèidh an rugbaidh (ach b' e gèam uabhasach dona a bh' ann - tha mi ag ràdh mu dheidhinn an Fhraing an aghaidh Alba. Dìreach sgrìosail! Bha nàire orm a bhith ga choimhead), agus shaoil sinn mu dheidhinn dè thachaireadh ma bha na sgiobannan dèante le gaisgich ollachail, cultaral, eachdraidheal 's msaa. Seo na sgiobannan:

Alba - Uilleim Uallas, Rabairt 'Roy' MacGriogar, Oisìn, Uilleim MacDhòmhnallach, Seòmas Mac a' Phearsain, Rabairt Brus, Coinnich mac Ailpin

Èirinn - Cuchulainn, Fergus mac Roich, Conchobhor, an Dagda, am Mac Òg 's na gaisgich Ultaich eile

Sasainn - Beowulf (chan bhiodh feum aca air duine eile oir cha bhiodh Beowulf a' cuir cath gu ceàrt - tha handgrip mar trichead fir, a Dhia!)

A' Chuimrigh - Taliesin, Merlin, an rì Artair, Gwalchmai 's na ridirean eile

An Fhraing - Bonaparte, an rì Dagobert, Obelix, Teàrlaich Mòr

An Eadailt - Caesar, Aeneas, Hercules, Garibaldi, 's dòcha pàpa no dhà?

's sin agad e. Bhiodh cathan uabhasach eadar na bàird cho dona mar Oisìn 's eile, agus bhiodh e gu math èibhinn ri faicinn. Bhiodh siadhan mar an Ifirnn eadar na gaisgich den dùthchannan dìofraichte 's bhiodh àr uabhasach aig a h-uile gèam.

Glè mhath, tha obair agam ri dhèanamh, mar sin, bidh mi a' dol air ais dha.
mood: toilichtetoilichte
tags: gaelic, rugby
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
's e 'g éirigh air taobh eile duilghe  
10:42am 17/01/2009
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Tha mi air ais ann an Obair-Dheathain mu dheireadh. Bha làithean-saora na Nollaig math agam, còmhla ri mo theaghlach gu lèir; b' e uine math dhomhsa a bh' ann. Agus a-nise? Uill, tha deuchainn agam an t-seachdainn seo tighinn, agus mar sin bidh mi a' leughadh leabhraichean 's leabhraichean.

Ach, rud a dh' iarr mi ràdh: rud gu math cudromach, nam inntinn. 'S ann às dèidh mìosan a tha sinn a-nis' - beagan os ceann trì mìosan - agus chan eil fearg agam. Chan eil cuideachd ach beagan duilghe agam.

Tha sinn a-nise aig toiseachd dà mhìle 's a naoi, bliadhna ùr eile, agus dè 's urrainn dhomh ràdh mu dheidhinn an-uiridh? 'S e bliadhna cho, cho cudromach a bh' innte dhomhsa. Fhuair mi duais na Gàidhlig ann an Dùbhlachd (dà cheud 's leth nòt - nach robh sin math!). Gun teagamh, b' e bliadhna math dhomh a bh' innte aig an oilthigh, mar 's àbhaist, ach b' e bliadhna cudromach dhomh còmhla ri mo chairdean. Chan urrainn dhomh ràdh gum b' e bliadhna math dhomh a bh' ann còmhla ri mo chairdean (ach còmhla ri caraid sònraichte, 's dòcha), ach gu math, math cudromach.

An-uiridh, chunnaic mi gu bheil meanmna agam, mu dheireadh. Bha fios agam o cheann mìosan dè bu chòir dhomh dèanamh, agus mu dheireadh bha meanmna gu leòr agam ga dhèanamh. Cha robh e furasta idir, ach tha fios agam a-nise gum b' e rud ceàrt a bh' ann.

Aig an aon àm, sgrìobh mi litir as cudromaiche dhìom bheatha, agus mar shiubhail aon càirdeas, dh' aisèirigh càirdeas eile a shaoil mi fon bhòrd. Ma tha iad ag ràdh, nuair a bidh thu a' dùnadh an dorais, bidh Dia a' fosgailte an uinneig dhut.

Sin gu leòr mu dheidhinn an-uiridh, nam bheachd. Cha robh mòran dhe brèagha no tlachdmhòr, ach tha e dèante a-nise, agus cha robh e dona gu lèir.

Tha mis' airson an leabharlann - tha feum agam air leabhraichean eile.
mood: mathmath
music: An Fhideag Airgid - Karen Matheson
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Deeper and deeper, my blood runs deeper  
11:18pm 01/01/2009
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Cha do shiubhal mi! Tha mi riamh an-seo, Tha mi 'n dòchas gun robh Nollaig mhath agaibh uile, 's cuideachd bliadhna math ùr agaibh - bha a h-uile rud math dhomhsa, cò-dhiù. Chunnaic mi mo theaghlach (chan eil mo theaghlach gu lèir, ach a' chuid as motha dhaibh), agus a-nise tha mi aig an taigh, còmhla ri mo chait 's mo theaghlach, a' leughadh 's a' sgrìobhadh gu trang. Tha sneachda againn, sneachda 's deigh.

Seadh, cha do dh'iarr mi ach ag ràdh... chan eil e gu diofar, dè thachairt. Faodaidh tu e faicinn mar rud dona, no mar rud math, ach aig an deireadh, tha a h-uile càil math dhut - no bu chòir d' a h-uile càil a bhith math dhut. Thig a h-uile càil bho Dia, agus tha a h-uile càil deuchainn creideas, no mar a chànas tu a test of faith.

Tha fhios agam gu bheil mi as treasa, a-nise, na bha mi an-uiridh. Agus mise gun fearg, gun doicheall. Cha robh e math, an-uiridh - agus tha fhios agadsa, cò a tha mi a' ciallachadh - ach sin an dòigh a thèid an t-saoghal. Chan eil a h-uile càil gu bràth. Chan eil mi ag ràdh gun iarr mi an rud a thogail a-rithist, chan eil sin idir, ach tha mi ag ràdh gun robh e math, nuair a bha e math. Nuair a bha e sgriosail, uill, bha e uabhasach sgriosail, ach bha e math ro sin. Agus tha cuimhne math agam.

Sin agad e! Chan eil facal eile dhuibh a-nochd - tha mi airson mo leabaidh.

Dirty faces and oily hands
But adamant of life so clean and so pure
And in a perfect world the rights of man
Could never betray the rights of the land
And this way is the only way
The pilgrims walk a trail of song
And I know if you were stronger
You'd change your ways, you'd join the parade with me
mood: sgìthsgìth
tags: gaelic, lyrics
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Tha mi air ais  
05:23pm 13/11/2008
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Uill, dè 's urrainn dhomh ràdh? Tha mi sgìth (sàrachadh ro-mhios-dòrtadh a-rithist - cha toil leam e idir, agus cha toil le mo chorp mise, à rèir choltas). Chan eil rud ach duilgheadas ann an oilthigh an t-seachdainn seo, ach gu fòrtanach, bha rudan eile agam ri dèanamh.

Diluain, bha briseadh slàinte na h-inntinn agam (chan eil mi ach ri spòrs - ach bha e sgriosail) às dèidh Ceiltis. Chan eil fhios agam carson, ach chan abair mi facal riamh anns a' chlàs seo agus dh'fhairich mi mar a bha mi bùrach oir cha robh ruideigin agam ri ràdh... thuirt am balach gum bu chòir dhomh leughadh agus an dèidh sin bidh mòran rudan agam ri ràdh. Tha e ceàrt, gun teagamh sam bith. Mar sin, chaidh mi don leabharlann airson leabhraichean. Cuideachd, bha mi cneasnaidh às dèidh Na Caillich faicinn. Tha i cho sgriosail mar 's àbhaist.

Dimàirt... bha obair agam ri dèanamh. Cha robh clàsaichean agam idir. Chaidh mi don choisir agus bha e dìreach gasda. Ach chaidh mi fadalach don leabaidh agus mar sin... cha robh Diciadain cho gasda idir.

Diciadain chuir mi air cùl a h-uile rud. Cha robh mo Sgealaigheacht Chéitinn agam, agus cha robh m' eadar-thaingis agam, agus cha do dh'ith mi lòn, agus nuair a thàinig mi dhachaigh, chealaich mi anns mo leabaidh gus an tàinig am balach dhachaigh. Bha e aig a' choinneamh Roinn Ceiltis. Feasgar chaidh mi do dhannsa - bha e math! Bha e gasda. Agus an dèidh sin, amar 's leabaidh. ('s Little Dorrit cuideachd - tha a' phrògram sin sgoinneil!)

An-diugh, Diardaoin... bha ceann goirt agam nuair a dhùisg mi; shaoil mi gum biodh mi fadalach oir dh'fhuirich mi mionaid air a' bhalach. Bha clàs gu math inntinneach agam - a' chiad bliadhna Gàidhlig, mu dheidhinn eòlas-fogharachd na Gàidhlig... bha sin math. Às dèidh sin, chaidh mise 's NicLeòid don zeste airson coffaidh, air sgàth 's a bha NicLeòid mì-thoilichte mu dheidhinn rud a bha air ràdh ma deidhinn aig a' choinneamh an-dè. Bhruidhinn sinn ma dheidhinn sin, agus mu dheidhinn foghlam Gàidhlig, agus Gàidhlig an aghaidh Breatannach Beag... bha e snog. Àn dèidh sin, bha clàs ceiltis agam, agus tha mi air ais an-seo.

Tha mi a' sgrìobhadh a-rithist; tha mi nam sgrìobhadair! Tha trichead mìle facail agam! Tha mi gu math mòr asam fhèin. Abairinn dè bidh mi a' sgrìobhadh mu dheidhinn, ach... uill, 's e dìomhair a th' ann! Tha sin fealla-dhà nas motha dhomhsa.

Tha mi 'n dòchas gum bi a-màireach nas fhèarr - chan eil fhios agam, gu dearbhfìor. Tha Tràth Nua-Gàidhlig agam a-màireach agus chan eil sin furasta idir idir. 'S toil leam e, ach tha mi eagalach ma deidhinn cuideachd.
mood: coileantacoileanta
music: Diáspora Sefardí
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Chan eil mo shùil air Calbharaidh  
11:27pm 08/11/2008
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Uill, chunnaic mi Karen NicMata a-nochd - oh, bha iad uile cho sgoinneil! 'S toil leam na h-òrain aice cho mòr, agus... uill, chuala mi iad ann an dòigh ùr a-nochd. Tha mi air a bhith gan cluinntinn airson cho mòran bhliadhna; tha mi air a fàsadh còmhla riutha, agus chan eil an ciall ceàrt aca agus a bha nuair a bha mi còig bliahdna a dh' aois.

Seadh, seo an clàr-òrain dhuibh:

Morning
Bonnie Jean
O Nach Èisteadh Tu 'n Sgeul Le Aire
Crucan na Bpaiste
All The Flowers
Puirt a Beul
Chan Eil Mo Shùil Air Calbharaidh
Goodbye Phoebe
Gleann Bhaile Chaoil
O Mhàiri 's Tu Mo Mhàiri
Lassie Wi' The Lint-White Locks
The Speed of Love
Tobermory
Luadh nan Toraidh
There's Always Sunday
One More Chance
Evangeline
At The End Of The Night

Saoil mi gu bheil sin ceàrt... chan eil fhios agam ciamar a chànas tu more or less sa Ghàidhlig, ach... cò leugheas seo cò-dhiù?

Bha e sgoinneil, ach... theab mi caoineadh nuair a sheinn i Crucan na Bpaiste - ged a tha an t-òran sa Ghaeilge, 's urrain dhomh tuigsinn a' chuid as motha, agus tha e dìreach cho brònach! Gu fòrtanach cha do chaoin mi.

Seadh, leabaidh dhomsa! Tha mi sgìth - bha mi sgìth an-dè (tha mi fhathast beagan tinn - bha cnatan mòr orm an seachdainn seo chaidh), agus cha robh latha math agam an-dè (bha trioblaid agam agus mo Ghàidhlig Chlasagaich ag eadar-thaingeadh), agus cha robh an-diugh mòran nas fhèarr.
mood: aitait
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
O, dè cho fuar 's a tha e!  
11:29am 28/10/2008
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Bha sneachda ann a-raoir. Sneachda. Anns an Damhair! O, ach bha e eagalach fuar.

Cò-dhiù, tha mòran naidheachdan agam ri ràdh - seachdainn gu lèir, gu dearbh! Uill, bha mi 's am balach aig a' chiad cèilidh comunn ceilteach Oidhche Haoine. Bha a h-uile duine a tha aithne dhomh ann - uill, cha robh NicLeòid ann, agus cha robh Catriona ann, ach bha mòran oileannaich bho ceiltis ann, 's caraid aig a' bhalach, 's bha e dìreach spleadhach! Dhanns sinn, 's bhruidhinn sinn, 's cuideachd bha mi a' bruidhinn ri Mark, 's rinn e eòlach orm ri Màiri (comhairleach Gàidhlig airson Obar-Dheathain) agus bha ise dìreach gràdhmhor.

Disathairne, ceannachd mar 's àbhaist, agus Didòmhnaich, chaidh sinn a thilgeadh. Bha e math. Diluain, ceiltis 's an-sin, chaidh mise don bhaile oir bidh a' dol don choisir Ghàidhlig feasgar 's dh'iarr mi lorg an àite far a bheil an coisir a' coinneachadh rè an latha, an àite ann an tuiteam na h-oidhche. Mar sin, choisich mi fad an t-slighe do Great Western Road - ach 's e raon brèagha den bhaile a th' ann! Cha robh mi ann riamh ro an-dè. Uill, lorg mi an eaglais gun buair, agus bha eacarsaich agam - choisich mi còig mìlean, agus sin gun an do coisich mi airson a' dol don oilthigh sa mhadainn. Chaidh mi tron bùthan air an t-slighe air ais, oir bha mi ag iarraidh geansaidhean ùra.

Cò-dhiù, feasgar tha an coisir Gàidhlig agam... tha fios, nuair a dhùisg mi an-diugh, bha amhach goirt agam - ach tha mi air m' fhilleadh gu blàth, 's tha mi ag òl mòran deochan tethe cuideachd. Tha cupa liomaid 's mil agam an-dràsta, 's tha mi beagan nas fheàrr. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e dìreach beagan goirt sa mhadainn (tha fios agaibh dè tha mi a' ciallachadh - creuchd bheag sàrachadh, ach chan e rudeigin mòr a th' innte).

A-màireach, bidh mi a' dannsa - mu dheireadh, tha na clasaichean dannsa a' toiseachadh a-rithist! Tha mi trang dèanadach, ach tha e math. Tha mi toilichte gu leòr.

O cuideachd, thàinig mo leabhar dhomh an-dè - leabhar mu dheidhinn Dòigh Saorsa Thocail. Tha mòran agam ri dèanamh.
mood: trangtrang
music: Liquid - The Rasmus
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Priosan  
09:52pm 21/10/2008
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Chunnaic mi eun sèimh
sèimh an diugh air iteig,

chunnaic mi geal e
a mach air uinneig mo sheòmair,

chunnaic mi e saor
a' tighinn's a' falbh troimh m' fhaicsinn;

's bha a shiubhal foirf'
air mheidh bil sgèith a' seòladh.

Lean an dealbh air mo sgàthan,
an cridhe dol mu'n cuairt gu mion air,

an inntinn ghionach
a' sealg air gus a thuigsinn,

's mi a' strì ri uinneag
fhosgladh
a' strì ri ruighinn air mo sheòlaid.

Priosan, le Dòmhnall MacAmhlaigh, Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig.

Bha mi sa phriosan. Uill, cha b' e fìr phriosan a bh' ann, ach cha robh mi anns an t-seòlaid agam idir. Cha b' urrainn dhomh sgrìobhadh facal, agus... uill, ma tha fios agaibh ciamar cho cudromach a tha sgrìobhadh dhomhsa, tha fios agaibh nach robh mi toilichte idir! Cò-dhiù, 's urrainn dhomh sgrìobhadh a-rithist, taing do Dhia! Bha e sgriosail - bha mi nam shuidhe aig mo chompiutar, le bileag-facal ùr fosgailte air mo bheulaibh, agus cha robh nì sam bith ann. Ma chaidh mi air falbh, bha smuainean gu leòr agam, ach bhon mionaid a shuidh mi sios, cha robh ruideigin ann. 'S bha mi fo bhròn! Bha e uabhasach. Cha b' urrainn dhomh sgrìobhadh, agus mar sin, cha b' urrainn dhomh dèanamh rud sam bith eile idir.

Ach saor bho sin, b' e deireadh-seachdainn math a bh' agam. Dihaoine chaidh mi don bhaile còmhla ri Cairistiona, 's cheannaich mi bioran-sùla purpaidh - aidh, purpaidh gu dearbh! 'S toil leam e cho mòran! Tha e dìreach àlainn. Agus an-sin, chaidh mi dhachaidh oir bha mi sgìth (seachd searamh sgìth cuideachd), agus bha litir gam fhuireachd - litir onarach caoibhneil blàth-chridheach a dh'aisig m' earbsa ann an gnàths na daoine. AGUS - chan eil mi deiseil fhathast! - chaidh mi an-sin NicLeoid a dh'fhaicinn airson dìnnear, agus b'e deagh fheasgar a bh' againn gu dearbh! B' e feasgar nigheanach le deagh bhiadh 's filmichean èibhinn a bh' againn, agus an dèidh sin, bha mi dìreach cho, cho toilichte.

Cha do ràinig mi dhachaidh ach fadalach, mar sin, bha mi sgìth Disathairne, ach cha b' e duilgheadas a bh' ann. Bha mòran ri leughadh agam, mar sin dh'fhuirich mi aig an taigh 's leugh mi na litrichean aig Naomh Padraig, agus De Excidio et Conquestu Britanniae le Gildas. Bha e glè inntinneach, ach bha mo shùilean goirte às dèidh sin - leugh mi a h-uile rud air an eadar-lionn. Bha aon de mo shùilean beagan dearg nuair a sgurr mi.

Didòmhnaich bha mi fo bhròn - chan eil càil a dh' fhios agam carson, ach cha b' urrainn dhomh sgrìobhadh agus bha an t-sìde dìreach fiadhaich - uisge, gaoth, fuachd... uabhasach.

Seadh, thèid mi a-steach don leabaidh a-nise! Tha mi sgìth, tha mi air bruidhinn gu leòr 's feumaidh mi dùsgadh moch sa mhadainn.
mood: toilichtetoilichte
music: The Harley Ashtray - Capercaillie
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 
Chan eil mi air mo mharbhadh fhathast.  
02:22pm 12/10/2008
 
 
The Dreaded Batter-Pudding Hurler
Hallo, a chairdean - oh, fuirich mionaid - chan eil caraid agam an-seo. Uill, rasgach - mar a tha iad ag ràdh sa Bheurla! Bidh mi a sgrìobhadh ùraich cò-dhiù, agus faodaibh cuir sin sa phìob agaibh 's ga smùcan.

Mar a 's urrainn dhuibh faicinn, chan eil mi ann an seòl math idir an-drasta. Tha sàrachadh ro-mhìos-dhortach orm agus chan eil e brèagha idir. B' e lèir-sgrios coileanta a bh' ann Dihaoine - uill, 's dòcha chan eil coileanta gu coileanta... ach bha mi moidireadh (agus sgìth). Thuirt NicLeoid a-rithist 's a-rithist, "Carson nach thig thu don chlas Language & Identity còmhla rium? Tha e cho inntinneach agus taitneach" agus mu dheireadh, nuair a dh'innse i mu dheidhinn dè bha iad a' dèanamh sa chlàs, thuirt mi gun tig. Bha e glè, glè inntinneach, feumaidh mi ràdh. B' e co-labhair a bh' ann mu dheidhinn dà-chànanachd agus dà-dhualchasachd ann an obair na sgrìobhadairean Gàidhlige den ficheadamh linn. B' urrainn dhomh tuigsinn mòran de na bheachdan aca, oir tha staid ionann agam. Nuair a tha thu dà-chànanach, chan urrainn dhut ag ràdh gu math anns an aon cànan no anns a' chànan eile, oir 's àbhaist dhut ag ràdh mu dheidhinn feadhainn rudan san aon cànan, agus rudan eile sa chànan eile, agus 's dòcha bidh tuill anns do chuimhne, agus chan eil cuimhne agad den aon facal a tha thu ag iarraidh... ach, san taobh eile (taobh a chuir na sgrìobhadairean Gàidhlige air cùl gu soiridh), tha thu as fhèarr airson cànanan eile ag ionnsachadh gu luath!

Oh bha mi a' dìochuimhneachadh! Chaidh mo thaisbeanadh gu math, ged a cha robh powerpoint agam (cha b' urrainn dhomh clàran-dùthcha a' faighinn idir). Bha mi glè beò airson a' chlàs, agus bha mòran cheistean aca nuair a bha mi air sgùr. Mar 's àbhaist, thuirt Catriona rud uabhasach gòrach - agus mi-mhodhail cuideachd. Chan urrainn dhith a ràdh gun cuir casg air cuideigin eile.

Tha mi diabhlaidh fuar - chaidh sinn tilgeadh a' mhadainn seo. Bha e math, ach bha an rùm cuideachd cho fuar. 'S e a h-uile uinneag bhriste a th' ann an-sin, uinneagan briste 's fosgailte cuideachd.

Tha mi a' smaoineachadh gun robh a' chiad Ionnsaigh na Seann Bhadhbh agam an latha eile - bha aisling orm nach b' urrainn dhomh gluasadh agus gun robh rudeigin - no cuideigin - air mo chliabh, agus gam thachdadh. Bha e sgrìosail, agus nuair a dhùisg mi, bha eagal cho mòr agam.

Aidh, a-màireach bidh clàs-cuideachaidh agam mu dheidhinn eireiceachd 's litrichean Pelagius. Leugh mi na litrichean, agus tha iad glè inntinneach. Nam bheachd-sa, b' e duine math, glìc a bh' ann am Pelagius. Cò-dhiù, tha obair agam - ach feumaidh mi cupa tì òl! Tha mo corragan cho fuar! Agus mo chasan...
mood: fuarfuar
music: Port na Caillich - Capercaillie
 
    Post - Add to Memories - Share - Link
 


 
 
 
Links  
  Hadrian's Wall RP
WickedDreams ~ Modern Day RP
The Rasmus
Capercaillie
Celtic Lyrics Corner
 
Navigation  
  Previous 10
 
February 2010  
 
 123456
78910111213
14151617181920
21222324252627
28
 


  Powered by
LiveJournal.com